As deidh trì sreathan sònraichte a bha gu math soirbheachail, tha Opry an Iùir a'tilleadh gu BBC ALBA le sreath a tha nas motha agus nas fheàrr. Anns an t-sreath ùr bidh àrd-rìgh ceòl dùthchasach na h-Èireann, Daniel O'Donnell, a'lìbhrigeadh agus Anna Nic na Ceardaich ag aithris agus iad a cuir fàilte air rionnagan ceòl dùthchasach.
Anns an t-seachdamh prògram, tha sàr neach-ciùil, Brendan Shine air an àrd-ùrlar le Treasa Ní Cheannabháin air aoigheachd aige. Air a chlàradh air beulamh luchd leantainn bheòthail, tha Brendan a'cluich òrainn air a bheil fèill mhòr. Cuideachd, còmhradh le luchd leantainn a tha a measail air Brendan. Gheibh sinn sealladh air beatha Brendan agus na rudan a tha a' toirt toileachas dhà fhèin. Tha Opry an Iùir a toirt brìgh Grand Ole Opry Nashville gu baile an Iùir.
Daniel O'Donnell presents and Anne Sinclair narrates as they give a warm welcome to the stars of country music. This edition features singer Brendan Shine with his special guest Treasa Ní Cheannabháin.
Recorded in front of a live audience, mixing archive, testimonials from fans and chat. Brendan performs country favourites, and along with a great performance we get a rare glimpse into his home life.
Opry an Iúir brings the essence of Nashville's Grand Ole Opry to Newry. Show less