Anns a' cheathramh prògram anns an t-sreath Sgàil a' Bhàis tha Jo NicDhòmhnaill a' beachdachadh air bròn agus caoidh agus a' bhuaidh a dh'fhaodas am bàs toirt air daoine, aig ìre phearsanta agus ìre phroifeiseanta. Mar a chluinneas sinn cha robh Màiri NicRisnidh ach dìreach ceithir bliadhna deug a dh' aois nuair a chaill i a màthair. Tha a h-uile duine eadar-dhealaichte agus tha aig a h-uile duine ri an dòigh fhèin a lorg airson dèiligeadh rim faireachdainn. Tha e nàdarrach gu leòr as dèidh dha duine bàsachadh gu bheil an fheadhainn a tha air am fàgail a' caoidh agus tha an Dotair Catriona NicRath a' mìneachadh dè an taic a dh' fhaodadh daoine fhaighinn aig an àm duilich a tha seo.
Tha am bàs a' toirt buaidh air gach duine againn aig amannan fiù 's bàs coigrich. Tha Eoghainn MacFhionghain à Ealaghol air dà fhichead bliadhna 's a sia a thoirt ann an Sgioba Teasargainn nam Beann san Eilean Sgitheanach. Tha e ag innse do Jo gur iomadh corp a thug e fhèin san sgioba far a' mhonaidh agus tha cuimhne air cuid dhiubh a' toirt buaidh air chun an latha 'n-diugh. Coltach ri Eoghainn tha aig Stiùiriche Thòrraidhean ri bhith proifeiseanta fhad 's a tha e ag obair. Ach chan eil sin ag ràdh nach eil e ann an suidheachaidhean a tha a' toirt buaidh air gu pearsanta mar a dh'innis Aonghas Mac-a-Phi 's e cuimhneachadh air an tubaist uabhasach a thachair ann an Uibhist a Deas anns an Fhaoilleach 2005. Show less