Choisinn an t-Oll. Dòmhnall Calum MacArtair à Borghastan ann an Leòdhas cliù ann an Ameireagaidh sna 60an mar fhear-saidheans tàlantach. Bha Dòmhnall Calum pòsta aig Diana Taylor, nighean le bràthair Lady Bird Johnson, bean Lyndon Baines Johnson. Thàinig saoghal saidheans agus poilitigs còmhla do Dhòmhnall Calum ann an 1964 nuair a stèidhich e a' bhuidheann Scientists and Engineers for Johnson-Humphrey gus taic a chur ri iomairt Lyndon B. Johnson mar Cheann-Suidhe Ameireagaidh. Tha Catriona Mhoireach ag aithris air an t-slighe a thug Dòmhnall Calum à Borghastan gu ruige saoghal poilitigs ann an Washington, mar a stèidhich e an companaidh Dynamac ann an 1970 agus mun dìleab a dh' fhàg e sna Stàitean Aonaichte agus anns a' choimhearsnachd san deach àrach. Show less