Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gàidhealach.
Sa phrògram mu dheireadh an-dràsta, tha Ailean ann an còmhradh ri Dòmhnall Noraidh Macleòid à Tolastadh a' Chaolais, Tormod MacArtair ( Brot ) à Càrlabhagh ann a Leòdhas. San Eilean Sgitheanach tha e a' faighinn an tuilleadh fhar-ainmean bho Dhonaidh MacFhionghain ( Skiffle ) à Camus Croise agus bho Theàrlach MacIlleBhràighe à Àrd Shlèite. Show less