Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,741 playable programmes from the BBC

Far-ainmean

Episode 4: An t-Eilean Sgitheanach

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gàidhealach.

Sa phrògram sa tha Ailean a' fuireach san Eilean Sgitheanach agus a' faighinn tuilleadh fhar-ainmean bho Dhòmhnall Iain MacIllFhinnein sa Choire faisg air an Àth Leathann. Às a sin tha e togail air a Shlèite far a bheil e a' coinneachadh ri Donaidh MacFhionghain à Camus Croise agus ri Teàrlach MacIlleBhràighe à Àrd Shlèite. 'S mar nach robh sin gu leòr, tha e cuideachd a' toirt sgrìob air far-ainmean Mhinginis còmhla ri Murchadh Caimbeul. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More