Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,741 playable programmes from the BBC

Far-ainmean

Episode 3: Dòmhnall Iain MacIllFhinnein

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Nuair a bha ainmean leithid Dòmhnall, Calum, Iain, Murchadh agus Niall a' leantainn theaghlaichean agus nuair nach robh sloinnidhean cha mhòr ann ach Macleòid, Dòmhnallach, Caimbeul agus MacIllEathain, dh'fheumar dòigh fhaighinn air balaich a dhealachadh bho chèile airson 's gum biodh cinnt cò air a bhathas a' bruidhinn. Bha far-ainm dha thoirt ort bho aois òg aig an taigh neo anns a' sgoil, neo 's dòcha fear eile sna ostailean-sgoile. Anns an t-sreath seo tha Ailean Caimbeul air a bhith air chuairt a' siubhal an liuthad far-ainm annasach, ait agus eirmseach a bha ri chluinntinn sna sgìrean Gàidhealach.

Sa phrògram sa 's ann air Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha e air cheilidh. Rugadh 's thogadh Dòmhnall Iain an Greòsabhagh sna Hearadh ach tha e air a' mhòr-chuid dha bheatha a chuir seachad san Eilean Sgitheanach na lighiche-sprèidh agus 's iomadh sgeulachd a chual' e air an dearbh chuspair! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More