Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,845 playable programmes from the BBC

Taisgte

Episode 6: Cur-Seachadan

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Le sia de Fhir-Tàileisg Leòdhais stèidhte a-nis ann an Museum agus Tasglann nan Eilean ùr ann an Steòrnabhagh tha dùil gum bi iad nan tàladh do mhòran luchd-tadhail. Tha iad nam prìomh thaghadh aig Jo NicDhòmhnaill air a' chiad chuairt aice chun taigh-tasgaidh ùr ann an Caisteal Leòdhais. Tha i a' coinneachadh ri dithis a tha cuideachd a' cur fàilte air na sia Fir-Tàileisg - Chrisella Ros, a bha uair ag obair an Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba far a bheil aon deug de na Fir-Tàilesig a' còmhnaidh agus Tormod Dòmhnallach, Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean a bhuineas do sgìre Uig far an deach an lorg ann an 1831. B' e cur-seachad sònraichte a bh' ann an tàileasg do Lochlannaich agus do Ghàidheil agus tha Jo a' taghadh rudan eile a chithear san taigh-tasgaidh co-cheangailte ri dà chur-seachad eile -pìobaireachd agus òrain Ghàidhlig. Tha i a' cluinntinn mu phìobaireachd sna h-eileanan bhon Dtr Iain Mac a' Ghobhainn agus a' coinneachadh ri Anna NicLeòid a th' air a bhith a' teagasg òrain Ghàidhlig is seinn do dh'iomadh fear is tè a bhuannaich buinn òir aig Mòdan. Le Mòd Nàiseanta Rìoghail sna h-Eileanan air fàire san Dàmhair 2016 tha Tormod Dòmhnallach a' dèanamh fiughair ri cèilidhean Mòid sa Chaisteal leòmach. Cluinnear Bloighean, measgachadh fuaim ùr air a chruthachadh à seann chlàraidhean à tasglann Chomunn Eachdraidh an Taobh Siar le ceòl ùr bho Choinneach MacLeòid à Siabost a Leòdhas.

Jo MacDonald welcomes six of the world-famous Lewis Chessmen to the new Museum agus Tasglann nan Eilean in Stornoway together with cultural artefacts on piping and Gaelic music and song. Archive cassette recordings from the West Side Historical Society and music by Kenny Macleod come together in a new soundscape composition Bloighean (Fragments). Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More