Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,429 playable programmes from the BBC

Leugh Mi

Shona NicEanraig agus Iain Tormod MacDhòmhnaill

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Ann a Leugh Mi bidh Anna NicLeòid a' còmhradh ri dithis neach mu na trì leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha.

An t-seachdain seo gheibh sinn beachd bho Shona NicEanraig air dè a bha i a' leughadh na h-òige anns Na Hearadh agus mun leabhar a stiùir i gu mullach iomadach beinn ann an Alba.

Thogadh Iain Tormod MacDhòmhnaill anns Na Hearadh cuideachd ach bidh e ag innse cuideachd mun ùine a chuir e seachad air Kibbutz ann an Israel agus mun ùidh a th' aige ann an eachdraidh nan Gàidheal ann an Ameireaga.

A bharrachd air bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha, tha gach duine air aon dhiubh sin a mholadh dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach anns a' phrògram co-dhiù an do chòrd na leabhraichean riutha no nach do chòrd! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More