Le cuimhneachain phearsanta tha Màiri NicIllEathain às a' Chàrnaich an Uibhist a Tuath a' taghadh stuth à Museum agus Tasglann Nan Eilean ùr a tha a' buntainn ri biadh air an robh i fhèin gu math eòlach na h-òige. Tha Màiri a' cèilidh air Magaidh Flòraidh NicDhòmhnaill ann am Baile Raghnaill agus tha iad a' còmhradh mu na bha an luib bò a bhleoghan, an stòl bleoghain fhèin, an crodh a bh' aca is na h-ainmean a bh' orra, an crannachan neo biota agus mar a bhathas a'dèanamh ìme. Tha i cuideachd a' tadhal air Ciorstaidh Laing ann an Loch Baghasdal is air Ceit Anna NicIllFhialain ann an Huna an Taigh a' Gheàrraidh gus faighinn a-mach mu bhith a' cumail chearcan agus mu stèisean uighean a bha uair ann an Loch Baghasdal. Cluinnear Flòraidh NicDhòmhaill ag aithris bàrdachd ùr, An Crannachan, a sgrìobh i gu sònraichte airson Taisgte.
Mary Maclean showcases artefacts in the new Museum agus Tasglann nan Eilean relating to food that were once staples of the Hebridean diet, milk and eggs. Flora MacDonald reads her poem An Crannachan which was commissioned for the programme. Show less