Tha Dòmhnall Màrtainn a' tòiseachadh aig làrach Eaglais na h-Aoighe ann an Leòdhas, làrach chudromach a thaobh creideamh sna h-Eileanan an Iar air fad a tha dol air ais chun cheathramh linn deug, gus beachdachadh air cuid den stuth co-cheangailte ri creideamh a tha ri fhaicinn ann am Museum agus Tasglann nan Eilean ùr aig Caisteal Leòdhais. Tha e a' taghadh stuth bhon dà thraidisean sna h-eileanan - Caitligeach sna h-eileanan gu deas is Pròstanach sna h-eileanan gu tuath. Cluinnear bàrdachd ùr, Stòras, le Maletta NicPhàìl a chaidh a sgrìobhadh gu sònraichte airson Taisgte.
Donald Martin selects artefacts relating to faith in the new Museum agus Tasglann nan Eilean in Stornoway. Maletta MacPhail reads her poem Stòras which was commissioned for the programme. Show less