Tha sinn a' cluinntinn mu bhiadh sònraichte na dùthcha, a' tadhal air taigh-bìdh Eadailteach ainmeil ann an Glaschu, agus air seann delicatessen ann an Dùn Èideann, far a bheil an luchd-obrach ag ìnnse carson a tha daoine air feadh an t-saoghail cho dèidheil air biadh traidiseanta na h-Eadailt.
Le measgachadh de ghuthan a' gabhail pàirt, tha cothrom ann Eadailtis a chluinntinn, agus diofar fhaclan agus abairtean shìmplidh ionnsachadh.
Anns an t-sreath seo tha cuireadh air a thoirt don òigridh eòlas a chur air Eadailtis, Mandarin, Gearmailtis, Fraingis, Gàidhlig agus Spàinntis tro bhith ag èisteachd ri fileantaich agus luchd-ionnsachaidh. Show less