Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,487 playable programmes from the BBC

Seargadh-inntinn

02/06/2016

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Ann an 2016, tha timcheall air 90,000 neach ann an Alba a' fulang le seargadh-inntinn no dementia, agus tha suas ri 3,200 dhuibh sin fo aois 65.

Air an t-seachdain seo, tha buidhnean leithid Alzheimer Scotland agus buidhnean slàinte agus cùram eile airson aire a thoirt gu dementia.

Tha iad an dòchas gun cuidich seo daoine a tha a' fulang, no an teaghlaichean, le bhith a' faighinn dearbhadh cho tràth 's a ghabhas ma thathas a' smaoineachadh gu bheil trioblaid ann. Agus mas e 's gun tèid a' chùis a dhearbhadh, tha iad airson 's gum faigh iad an dà chuid taic agus fiosrachadh ann a bhith a' gabhail ris an naidheachd, agus tuigse air mar a dh'fhaodadh cùisean a bhith san ùine a tha air thoiseach orra.

Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn bho agus mu dhaoine a tha a' fulang air sgàth 's dìth na cuimhne, a' bhuaidh a th' aige seo air na teaghlaichean, comhairle bho dhotair, neach-lagha agus iomradh air cuid de na diofar bhuidhnean a tha a' toirt taic seachad ann an iomadh dòigh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More