Blasad den chànan Mandarin air a dhealbh gu sònraichte airson òigridh aois 8 gu 11 le Eoghan Dòmhnallach ag aithris.
Anns a' phrògram, tha sinn a' coinneachadh ri clann agus inbhich anns a' choimhearsnachd Sìonach ann an Alba. Cluinnidh sinn mu na diofar tradiseasan culturail a th' aig na Sìonaich, gu h-àraid aig àm na bliadhn' ùire sònraichte aca fhèin san Fhaoilleach.
Tha luchd-ionnsachaidh òga na cànain a' toirt dèagh bhlasad dhuinn air mar a tha Mandarin ga bruidhinn agus ga seinn. Le measgachadh de ghuthan a' gabhail pàirt, tha cothrom ann diofar fhaclan agus abairtean sìmplidh sa chànan ionnsachadh.
Anns an t-sreath Cabadaich, tha cuireadh air a thoirt don òigridh eòlas a chur air Mandarin, Gearmailtis, Fraingis, Gàidhlig, Spàinntis agus Eadailtis fa leth, tro bhith ag èisteachd ris an dà chuid fileantaich agus luchd-ionnsachaidh ann an suidheachaidhean nàdarrach. Show less