Tha teicneòlas conaltraidh a-nis sa h-uile h-àite. Tha e nar làmhan ge bith càit' a bheil sinn - aig an taigh, ag obair neo còmhla rinn air làithean-saora. Ach ciamar a tha daoine a' cur an teicneòlas seo gu feum is dè a' bhuaidh a tha e toirt air am beatha?
Sa phrògram seo, tha Seonag NicAnndrais a' ceilidh air Innes Rothach. Bidh i a' cleachdadh dòighean conaltraidh didseatach airson còmhradh ri a nighean, nach eil a' cumail gu math, a h-uile latha. Tha i cho deigheil air a' fòn aice agus gum b'fheàrr leatha gun deigheadh dad sam bith eile - a car, a h-airgead, a stuth air fad - a ghoid, rud sam bith ach a' fòn. Ach tha a' fòn sin air a fàgail ann beagan de staing uaireanan is i a' cur theachdaireachdan prìobhaiteach chun duine ceàrr anmoch air an oidhche. Show less