Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,087 playable programmes from the BBC

Nisich a' Chogaidh Mhòir

Episode 8: Dòmhnall Moireasdan, am Patch, a bh' air crann an Iolaire fad na h-oidhche

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath, Nisich a' Chogaidh Mhòir, còmhla ri Angela NicIllEathain cluinnear mu thè dha na tubaistean mara as miosa ann an uisgeachan Bhreatainn san fhicheadamh linn.

Bha Dòmhnall Mòireasdan, am Patch, às a' Chnoc Àrd air bòrd an Iolaire nuair a chaidh i air na creagan aig Biastan Thuilm oidhche na Bliadhn' Ùire 1919. Chaidh a shàbhaladh ri linn 's gun d' fhuair e air crann an t-soithich a shreap ach b' fheudar dha an oidhche a chur seachad an sin agus an soitheach air a dhol fodha. B' e an aon duine dha na trì cheud a bh' oirre a thàinig air tìr aig cidhe Steòrnabhaigh. Cluinnidh sinn an sgeulachd iongantach seo air na h-uabhasan a thachair ris air an oidhche sin mar a dh' innis e fhèin ann an clàradh a rinn e còmhla ri Comann Eachdraidh Nis anns na seachdadan.

Cuideachd tha Angela a' coinneachadh ri ogha a pheathar, Dòmhnall MacIllEathain, Dòmhnall Ailein Mhòir agus dà nàbaidh dha, Peigi Màiri NicLeòid agus Donnchadh MacGillÌosa airson an cuimhneachain fhèin fhaighinn air Dòmhnall. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More