Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,381 playable programmes from the BBC

Nisich a' Chogaidh Mhòir

Episode 7: Air patrol sa Chuan Shiar agus tè a bha 'g obair aig na munitions ann an Glaschu

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bha Coinneach MacLeòid, Coinneach a' Bhàird, à Dail fo Dheas, trì bliadhna fichead agus ann an New York air soitheach marsanta nuair a thòisich an Cogadh. B' fheudar dha tilleadh a Bhreatainn gu math sgiobalta. Nuair a thill e b' ann gu muir a chaidh e a-rithist, agus b' ann aig muir a bha e nuair a theab e a bheatha a chall.
'S iomadh duine ann an sgìre Nis a bha èolach air Coinneach. Bha bùth aige, Bùth Choinnich a' Bhàird, far a bheil taigh-sheinnse Cross Inn an-diugh. Agus mar a chluinneas sinn anns a' phrògram 's e a' bhùth, seach na thachair dha sa Chogadh, air a bheil cuimhne aig daoine seach nach robh Coinneach fhèin a' bruidhinn air mar a thachair ris.

Anns an dàrna leth dhan phrògram cluinnidh sinn sgeulachd Chairistìona Mhoireasdan, Cairstìona Bheag Mhurdaidh, às a' Phort a bha air a dhol a Ghlaschu a' lorg obair an dèidh dhan Cogadh a bhith air a ghairm. B' ann air mhuinntireas a bha i an toiseach ach chaidh i an uairsin a dh' obair gu factaraidh a bha a' dèanamh munitions air bruaichean Chluaidh. Seachdainean an dèidh dhan Chogadh a thighinn gu crìoch, rinn Cairistìona a slighe dhan Chaol airson seòladh air an t-soitheach an 'Sheila' a bheireadh dhachaigh a Leòdhas i air madainn na Bliadhn' Ùire 1919, a' chiad turas aice aig an taigh ann an ceithir bliadhna. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More