Am prògram mu dheireadh anns an t-sreath. Saoil ciamar a chaidh do Chathy às dèidh seachdain a chuir seachad aig Ceòlas? Thuige seo tha sinn a' tuigsinn nach eil i dol a dhèanamh a' chùis air inneal-ciùil - cha robh i dona air a' chlàrsaich ach dh'fheumadh i beagan a bharrachd ùine. Ach bha aon rud cinnteach, fiù's le ùine nach cluinneadh sinn i a' cluich port air an fhidheall. Ach ma tha sibh air a bhith a' leantainn Chathy thuige seo, tuigidh sibh gu bheil i a' faighinn smachd air na casan spàgach anns na quadrilles agus tha an guth meirgeach a' tòiseachadh a' seinn. An tug i A Nighneag a Ghràidh chun àrd-ùrlar ? Gheibh sibh a-mach ro dheireadh a' phrògraim. Tha Catriona Nic an t-Saoir ag ionnsachadh facal neo dhà de Ghàidhlig Uibhist dhi agus tha Cathy cuideachd a' gabhail turas gu Creag an t-Sagairt. Show less