Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,382 playable programmes from the BBC

Nisich a' Chogaidh Mhòir

Episode 6: Aonghas & Iain Guinne - Gallipoli & Somme

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bha Aonghas Guinne, neo Inch, à Cros ann an Nis, am measg nam mìltean de bhalaich Leòdhais a chaidh a ghairm dhan Chiad Chogadh. 'S ann anns an arm a bha e, sna Lovat Scouts. Bha e ann an Gallipoli, anns an Èipheit agus ann an Salonica. Anns a' chòmhradh a rinn Aonghas ri Comann Eachdraidh Nis, tha e a' mìneachadh an teas a bh' anns an fhàsach agus mar a bhiodh iad a' blàthachadh a' bhùirn airson sèibhigeadh le bhith ga chuir ann an canastair dhan ghainmhich.
Gu h-iongantach, ceud bliadhna air adhart agus bha na ràsaran a bha Aonghas air a bhith a' cleachdadh ann a sin air an glèidheil gu prìseil aig a mhac Iain ann an Nis mar a dh'innis e do dh'Angela NicIllEathain an uair a thadhail i air agus Iain a' cluinntinn clàradh athair airson a' chiad uair. Cluinnidh sinn cuideachd cuimhneachain Mhurdo John MhicCoinnich a bha na nàbaidh do dh' Aonghas, ach ged bha e èolach air 'Inch' bho bha e na bhalach beag, bha mòran bhliadhnaichean ann mas robh beachd aige gun robh e air a bhith ann an Gallipoli.

Anns an dàrna pàirt dhan phrògram, cluinnidh sinn sgeulachd bho Ghuinneach eile bho taobh thall na sgìre a bha deònach iomradh goirid a thoirt dha Comann Eachdraidh Nis air mar a thachair an cogadh ris. Bha Iain Guinne, Iain a' Bhrogaich, às a' Chnoc Àrd anns na Sìophortaich còmhla ri a dhà bhràthair. Chaillear an dithis, aon san Fhraing ann an 1915 agus am fear eile ann am Mesopotamia ann an 1917. Chaidh Iain fhèin a leòn barrachd air aon turas agus chuir e seachad sia mìosan anns an ospadal an dèidh dha a bhith air a ghoirteachadh aig Blàr an Somme. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More