'S ann ann an rèiseamaid nan Sìophortach a bha Alasdair MacCoinnich, Alasdair Thomain, anns a' Chiad Chogadh. Chuir e seachad ùine anns na trainnsichean aig Ypres anns a' Bheilg agus tha e a' samhlachadh nan trainnsichean ri bhith ann am broinn poll-mònach. Bha a' chuid as motha de dh'uidheamachd is eile aig Arm Bhreatainn ann a sgìre Ypres a' tighinn tro rathad air an robh 'Hell Fire Corner'. B' e an t-àite bu chunnartaiche anns an sgìre. Anns a' chòmhradh a rinn Alasdair ri Comann Eachdraidh Nis bha e ag innse dìreach cho fìor chunnartach agus a bha cùisean agus mar bha na Gearmailtich a' cumail sùil gheur air fad an t-siubhail agus a' losgadh bho thalamh àrd nam faiceadh iad dad a' tighinn. Tha cunntas aige air mar a theub aon fhear-brathaidh Gearmailteach sgrios mòr a dhèanamh.
'S ann aig Blàr an Somme a chaidh Alasdair a leòn agus chaidh an uairsin a chuir am braighdeanas ach fhuair e air tèicheadh às dèidh dà bhliadhna.
Fhuair Dòmhnall Ryno MacIlleMhoire èolas air Alasdair Thomain, 's e na bhalach òg ag èirigh suas ann an Adabroc. B' e nàbaidh a bh' ann an Alasdair agus caraid teaghlaich. Anns a' phrògram sa, cluinnidh sinn na cuimhneachain pearsanta a th' aig Dòmhnall air a nàbaidh. Show less