Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,381 playable programmes from the BBC

Nisich a' Chogaidh Mhòir

Episode 4: An t-Urr Calum Moireasdan - Blàr an Somme

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

B' ann do Dhail bho Dheas a bhuineadh Calum Moireasdan, Calum Aonghais Thormoid, a bha anns na trainnsichean ann am Blàr an Somme, blàr cho fuilteach sa bh' anns a' Chiad Chogadh, 's a dh'fhàg mu mhillean saighdear, bho gach taobh, marbh neo air a leòn. 'S ann còmhla ri Rèiseamaid nan Camshronach a chaidh Calum dhan Fhraing agus thàrr e beò bho raon an Somme far am faca e uabhasan bha dìreach eagalach. Thug e cunntas mionaideach dha na thachair dha ann an clàradh a rinn e dha Comann Eachdraidh Nis nuair a bha e ceithir fichead bliadhna sa còig. Anns a' chlàradh tha Calum a' bruidhinn mu fhuil ga dòirteadh agus daoine gan reubadh às a chèile agus gur iomadh uair a bhiodh e a' smaoineachadh dè bu chiall dhan seo agus carson a bha esan ann?

Coltach ri tòrr theaghlaichean eile cha robh mic Chaluim - Aonghas, Ronnie agus Calum a' cluinntinn mòran bhon athair mun chogadh, ma bha càil idir. Anns a' phrògram tha iad ag innse do dh' Angela NicIlleathain na faireachdainn a bh' aca àg èisteachd ris a' chlàradh air leth prìseil seo. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More