Bha còrr is ochd mile de luchd-ciùil bho ceithir dùthchanan deug a' gabhail pàirt aig Farpais Shaoghail nan Còmhlan Pìoba 2015 neo mar a chanas tòrr - Na Worlds. San fharpais aig Ìre a h-Aon, bha dusan còmhlan sa chuairt deireannach agus san dàrna phrògram, bidh Catriona NicNèill a' cur fàilte oirbh gu taghadh de na còmhlain as fheàrr. Mar a tha an fharpais ag obair, tha aig gach còmhlan sa chuairt deireannaich ri chluich dà thuras, is iad an toiseach a' cluich caismeachd, srathspèidh agus ruidhle agus an uairsin a cluich a-rithist, le puirt a thagh iad fhèin. Bhuannaich Shotts agus Dykehead Caledonia. 'S e iadsan an còmhlan-pìoba Albannach a bhuannaich mu dheireadh cuideachd, deich bliadhna air ais ann an dà mhìle 's a coig. Chì sibh iadsan a' cluich na dà roghainn aca còmhla ri Field Marshall Montgomery, na 78th Highlanders à Canada agus Boghall & Bathgate.
In the second programme from 2015's World Pipe Band Championships at Glasgow Green, we see some of the 8000 performers from 16 different countries which took part. In the grade one finals, 12 bands competed for the coveted title, and Catriona MacNeil presents a selection of those who took part, performing a march, strathspey and reel followed by a medley of tunes of their own choice. Show less