Bha còrr is ochd mile de luchd-ciùil bho ceithir dùthchanan deug a' gabhail pàirt aig Farpais Shaoghail nan Còmhlan Pìoba 2014 neo mar a chanas tòrr - Na Worlds. San fharpais aig Ìre a h-Aon, bha dusan còmhlan sa chuairt deireannach agus sa phrògram-sa, bithidh Catriona NicNèill a' cur fàilte oirbh gu taghadh de na còmhlain as fheàrr. Mar a tha an fharpais ag obair, tha aig gach còmhlan sa chuairt deireannaich ri chluich dà thuras, is iad an toiseach a' cluich caismeachd, srathspèidh agus ruidhle agus an uairsin a cluich a-rithist, le puirt a thagh iad fhèin. Bhuannaich Còmhlan Pìoba Shotts agus Dykehead airson an 16mh turas. Chì sibh iadsan a' cluich na dà roghainn aca còmhla ri Laurence O'Toole à Èirinn a bha san dàrna àite agus Inbhir Aora, a
bha san treas àite.
The first of two programmes from 2015's World Pipe Band Championships at Glasgow Green, where more than 8,000 performers from 14 different countries took part. Catriona MacNeil presents each band performing a march, a strathspey and a reel followed by a medley of tunes of their own choice. Show less