Air Nisich a' Chogaidh Mhòir an t-seachdain sa tha Angela NicIllEathain a' leantainn orra a' dol tro thasglann Chomann Eachdraidh Nis a' lorg chunntasan bhon Chogadh Mhòr agus a' bruidhinn ri luchd-dàimh an fheadhainn a bha thall 's a chunnaic 's a dh'fhuiling. Anna a' phrògram sa cluinnear sgeulachd iongantach Thormoid MhicThòmais, Tormod a' Chaimein à Tàbost, a chaidh a chuir air adhart ann am baileat airson prìomh dhuais a' Cho-fhlaitheis airson gaisgeachd mu choinneamh nàmhaid, Crois Bhictoria.
Bha Tormod air criutha soithichean ris an canar na Q-ships - bàtaichean a bha a dh' aona ghnothaich a' tàladh bhàtaichean-aigeinn Gearmailteach thuca airson gum b'urrainn dhaibh an uairsin losgadh orra agus an cuir fodha.
Tha an cuimhneachain fhèin aig oghaichean Thormoid - Calum, Cairistìona agus Tormod air an seanair a bha cho gràdhach dhaibh ach cha chuala iad riamh e ag còmhradh mu na bliadhnaichean sin. Mar a bha iomadach duine eile a thill bhon chogadh cha bhiodh iad a' bruidhinn air na thachair. Cha robh fios aig na h-oghaichean, chun an seo, gu robh an seanair an sàs ann an tè dha na h-iomairtean as dìomhaire agus 's dòcha, a-rèir cuid, tè dhen fheadhainn as cunnartaiche anns a' Chiad Chogadh. Show less