Anns a' chiad phrògram anns an t-sreath ùr Nisich a' Chogaidh Mhòir tha Angela NicIllEathain a' dol tro thasglann Chomann Eachdraidh Nis, ann an Leòdhas, airson cunntasan fhaighinn bhon a' Chiad Chogadh. Fhuair i stòras prìseil a chaidh a chlàradh an toiseach anns an seachadan agus thairis air na seachdainean a tha romhainn cluinnear feadhainn de na còmhraidhean sin agus cuideachd cluinnear bho chuid de luchd-dàimh nan daoine a tha anns na clàraidhean, feadhainn a tha gan cluinntinn airson a' chiad uair.
An-diugh tha Angela a' faighinn a-mach mar a thòisichear a' cruinneachadh an stuth luachmhòr seo mar phàirt de phròiseact shònraichte ann an sgìre Nis ann a 1977. B'e rud ùr a bha seo agus toiseach tòiseachaidh goireas a tha an-diugh aig cridhe na coimhearsnachd, Comann Eachdraidh Nis. 'S e bha nan rùn eachdraidh Nis a chruinneachadh agus a chuir ann an riochd seasmhach. Cluinnidh sinn bho Anna NicSuain a bh' aig an stiùir aig an àm agus bhon sgioba clàraidh - Dòmhnall 'Ryno' Moireasdan, Peigi NicEanraig, Doileag NicAoidh agus Agnes Rennie, a bha os cionn an sgioba. Show less