Bha 100 bliadhna air a 6mh den t-Sultain bhon a rugadh Calum MacGill-Eain, Fear Beag a' Chridhe Mhòir.
Ged a chaochail Calum aig aois 44 ann an 1960 choisinn e cliù mhòr mar chruinniche beul-aithris, an toiseach do Coimisiún Béaloideasa Éireann agus an uairsin do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Anns an t-sreath phrògraman a tha seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1993 ann an riochd beagan nas fhaide, tha earranan ann den leabhar-latha aige, clàraidhean a rinn e air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan agus cuimhneachain daoine a bha eòlach air is càirdeach dha. Show less