Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,892 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdain sa Chogadh

Episode 61

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Aig aon uair deug sa mhadainn air an ochdamh latha deug dhen t-Sultain chuir mèinn fodha tràlair Breatannach air an robh an t-ainm Lydian. Aig an àm bha an Lydian air patrol a-mach bho South Foreland, faisg air Dover. B' e dithis dhan chriutha a shàbhail aiste.

Bha Eòghainn MacNeacail a' sgrìobhadh dhachaigh gu phiuthar ann an Griomasaigh agus dragh air mu bhalach eile às a' bhaile aige a bha aig Festubert. Bha Eòghainn MacArtair à Ìle a-mach air biadh san leabahr-là aige agus cluinnidh sinn beagan mun bhiadh a bh' aig na saighdearan an t-seachdain sa bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.

Agus ged a chaidh faisg air dà mhillean gu leth fireannach gu saor-thoileach dhan arm eadar an Lunastal 1914 agus deireadh 1915 cha robh fiùs an àireamh mhòr seo gu leòr airson leigeil leis an rìoghachd an cogadh a chumail a dol. Leis na h-àireamhan a bha tighinn air adhart gu saor thoileach a' sìor dhol sìos ann an naoi ceud is còig-deug, bha an iomairt airson Seirbheis Do-sheachanta a' sìor neartachadh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More