Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,429 playable programmes from the BBC

Leugh Mi

Sarah Fhriseal agus Iona NicIlleDhuinn

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis eile mu na leabhraichean as fheàrr leotha agus a' faighinn a-mach barrachd mum beatha. An t-seachdain sa 's e dà thidsear a tha a' deànamh an taghaidh: Sarah Fhriseal agus Iona NicIlleDhuinn. Thogadh Sarah Fhriseal ann an Uibhist a Tuath agus cluinnear mun leughadh a bhiodh i a' deànamh an sin. An-diugh ge tà tha leabhraichean còcaireachd a cheart cho cudromach dhi ri uirsgeul Lochlannach neo 'Scandi-noir'.
'S ann à Tiriodh a tha Iona NicIlleDhuinn agus tha i an-diugh a' teagaisg ann an Uibhist a Deas. Tha an taghadh leabhraichean aice a' gabhail a-steach an sgaradh eadar daoine geala is dubha an Ameireaga agus leabhar òrain a th' air a dheagh chleachdadh!
A bharrachd air a bhith a' bruidhinn mu na leabhraichean as fheàrr leotha tha iad air moladh aon dhiubh sin dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach an do chòrd na leabhraichean riutha neo nach do chòrd! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More