Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,767 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdainean sa Chogadh

Episode 17

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Air an 26mh den Ògmhios 1915 sgrìobh Murchadh Moireach bhon a' Bhac a Leòdhas, a bha gabhail beagan fois air cùl na loidhne as an Fhraing, chun a' mha'-sgoile a bh' air a bhith aige ann a Sgoil 'IcNeacail. B' e droch naidheachd a bh' aige agus a' bhuidheann bheag de Leòdhasaich a bha còmhla gu seo a-nis air an sgaradh gu siorraidh. Air an 26mh den Ògmhios cuideachd nochd naidheachd às an Ruis gun robh Ministeir a' Chogaidh, an Seanaral Vladimir Sukhomlinov, air a dhreuchd a chall.
Air an 27mh chaidh feachdan Breatannach agus Innseanach a-steach gu Gearasdan Nasiriyeh air bruaichean an Abhainn Euphrates. B' e seo an dara pàirt dhen ionnsaigh samhraidh aig a' chommandair Breatannach Sir John Nixon. Às dèidh baile Amara a ghlacadh nas tràithe san Ògmhios bha Nixon a-nis airson ceann a deas Mesopotomia a ghabhail thairis gu lèir agus na feachdan Turcach a phutadh a-mach à Nasiriyeh.
Agus bha an strì mharbhtach airson smachd fhaighinn air na Dardanelles fhathast a' leantainn. Air an 28mh den Ògmhios thòisich sabaid eile aig Gully Ravine. Dà mhìos às dèidh dhan iomairt tòiseachadh bha cùisean gu math duilich a-nis dha na feachdan Co-chòmhraigeach, an aghaidh àrainneachd agus nàmhaid a bha gu math deuchainneach. Cluinnidh sinn às an tasglann bho Mhurchadh MacIllFhinnein à Beinn a Bhaoghla, Murchadh Sheonaidh Fhearchair air cho buileach doirbh agus a bha an suidheachdadh san robh iad.

Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill cuideachd ag innse mar a thàinig naidheachd à Afraga air an 9mh den Iuchar 1915 gun ghèill na Gearmailtich ris na feachdan aig an Seanaral Louis Botha. B' e buaidh chudromach a bha seo oir bha iar-dheas Afraga air a bhith mar phàirt de dh'Ìompaireachd na Gearmailt bho dheireadh na naoitheamh linn deug. A thaobh meudachd bha an sgìre a bha fo smachd cha mhòr a dhà uiread ri Ìompaireachd na Gearmailt san Roinn Eòrpa. Thòisich an iomairt aig an Seanaral Botha sa Ghearan 1915 agus le armachd de 40,000 saighdear - Afraganaich agus Breatannaich - chuir iad ruaig air na Gearmaitich gus am b'fheudar dhaibh gèilleadh.
Mar a shaoileadh duine chaidh fèill mhòr a dhèanamh air a' bhuaidh sna meadhanan Afraganach is Breatannach le cuid a' moladh gum bu chòir an sgìre a-nis ainmeachadh as ùr mar 'Bothaland'. 'S dòcha nas cudromaiche ge-tà, bha a' bhuaidh ann an Afraga a saoradh feachdan a dh'fhaodadh taic a chumail ri iomairt nan co-chòmhraigich ann na raointean eile dhen chogadh, agus nas anmoiche air a' mhìos ghabh riaghaltas Bhreatainn ri tairgse 7,000 saighdear a ghluasad dhan Fhraing.

Gheibh sinn a-mach cuideachd mar a thòisich an dàrna seachdain den Iuchar 1915 leis an naidheachd gu robh soithichean Breatannach, an dèidh mòran strì, air an t-soitheach Ghearmailteach, an Königsberg a sgrios. Ann an Gallipoli rinneadh oidhirp eile, a' siathamh tè, air Achi Baba, cnoc às a bheil sealladh fradharcach air Ceap Helles, a ghlacadh bho na Tuircich ach an dèidh dà latha de bhlàr b' fheudar dhaibh leigeil às. Chaidh Achd Clàraidh Nàiseanta tro Thaigh nam Morairean air a' cheathramh latha deug den mhìos agus cluinnidh sinn mar a chaidh mèinnearan na Cuimrigh air stailc a dh' aindeoin 's gu robh an Riaghaltas a' cumail a-mach gu robh iad a' briseadh Achd an Àirneis-chogaidh - a' Munitions Act. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More