Tha Iain MacDiarmaid a' toirt sùil air na cuspairean mòra a tha toirt buaidh air beatha seann daoine. An t-seachdain seo: call.
Tha call a' toirt buaidh mhòr air neach sam bith. Airson seann daoine, dh' fhaodadh call chompanach a bhith ciallachdh gum bidh iad leotha fhèin an dèidh bliadhnaichean mòra sona còmhla. An uair sin, 's e fàs cleachdte ri saoghal gu tur ùr. Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn bho thriùir a tha air companach a chall. Tha iad uile aig diofar ìrean de bhròn. Catriona, is gun ach beagan mhìosan bhon a chaochail an duine aice; Eoghann, a tha air a bhith leis fhèin trì bliadhna; agus Elsie, a tha air a bhith na banntrach seachd bliadhna deug. Show less