Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,851 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdainean sa Chogadh

Episode 15

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bha buidheann de dh'ochd air fhichead Sgitheanach air falbh dhan Chogadh còmhla agus bha iad air a bhith aig Blàr Neuve Chapelle sa Mhàirt. Air an aona latha deug den Chèitean chaidh an gluasad gu Festubert is ionnsaigh mhòr ùr dol ga thoirt air na Gearmailtich. Ach nuair a chaidh na saighdearan air adhart cha b' fhada gus na dh'fhoghlam iad gu robh trainnsichean nan Gearmailteach cha mhòr cho slàn 's a bha iad bho thùs. Co-dhiù rinneadh tomhais de dh'adhartas an toiseach is b' fheudar do na Gearmailtich tarraing air ais beagan an siud 's an seo.
Aig leth-uair an dèidh sia feasgar, air an t-seachdamh latha deug, thàinig buidheann Phort Rìgh agus buidheann à Ceann a' Ghiuthsaich còmhla air a' làimh chlì. Air an làimh dheis bha dà chompanaidh de shaighdearan à Bedford. Uair a thìde an dèidh sin thàinig an t-òrdan "Charge!"

Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun sgrios a chaidh a dhèanamh, oir mus tàinig Blàr Festubert gu crìch air an t-seachdamh latha fichead dhen mhìos bha mu 16,000 saighdear Breatannach marbh no air an leòn is cha robh iad ach air mu chilemeatair de thalamh a bhuannachd. Bha dà mhìle gu leth Canèidianach marbh no air an leòn.

Air an dàrna latha fichead den Chèitean, naoi-deug is còig-deug, thachair an tubaist rèile as miosa a thachair a-riamh ann am Breatainn, aig Quintinshill, faisg air Gretna Green. Bhuail còig trèanaichean na chèile, a' fàgail còrr air dà cheud duine marbh, mòrchuid dhiubh saighdearan as an t-Seachdamh Batailian na Royal Scots. Bha iad aig toiseach an turais gu Gallipoli. Tha Gilleasbuig ag innse mar a thachair.

Mu mheadhan-latha air a' chòigeamh latha fichead bha HMS Triumph mach bho Gaba Tepe nuair a chaidh a bualadh le torpedo agus lean spreadhadh uabhasach. Chaidh aig HMS Chelmer air mòran dhen chriutha aice a shàbhaladh mus deach i air a cliathaich an ceann deich mionaidean agus bun os cionn leth-uair an dèidh sin. Chailleadh faisg air ceithir fichead duine air HMS Triumph, eileanaich nam measg. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More