Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 292,611 playable programmes from the BBC

Aig M' aois

Airgead

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Cò an neach-obrach as sine a th' aig Comhairle Dhùn Èideann agus carson a tha i fhathast ag obair aig ceithir fichead 's a trì deug? Tha sin am measg na rudan a tha Iain MacDiarmaid faighinn a-mach ann an sreath ùr - Aig M' Aois. Tha Iain a' toirt sùil air na cuspairean mòra a tha toirt buaidh air beatha seann daoine. An t-seachdain seo: airgead. Ciamar as urrainn a bhith ullaichte airson seann aois? Bheil saorsa an cois aois ar dreuchd a legeil dhinn? Ciamar a tha daoine beò air an teachd a-steach aca? Tha Iain a' bruidhinn ri diofar dhaoine air feadh na dùthcha, a' faighinn a-mach ciamar a tha e air a bhith dhaibh. Tha e a' coinneachadh feadhainn air a robh fadachd an dreuchd a leigeil dhiubh, feadhainn a tha cumail trang ann an iomadh diofar dòigh, agus cuid eile a tha fhathast ag obair a dh' aindeoin an aois. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More