Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann a 1975 às dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nàiseanta a bha a' toirt na h-eileanan an iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann a Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.
Anns an dà phrògram tha seo tha Dòmhnall Màrtainn, a bha còrr air fichead bliadhna ri obair rianachd sa chomhairle, air a bhith a' rùileach tro thasglann Radio nan Gàidheal, neo Radio nan Eilean mar a bh' ann an uair sin, ag èisteachd ri na chaidh a chlàradh agus a chraoladh mun chomhairle sna bliadhnaichean tràth sin, a' tòiseachadh ann a 1974 agus a' ruighinn 1986. Le bhith 'g èisteachd, agus a' cur eòlas fhèin ris na chuala e, tha e a' toirt dhuinn dealbh smaoineachail air mar a bha an suidheachadh aig an àm, air an fheadhainn a bha air a' chomhairle agus air na chuir iad romhpa a dhèanamh le na cumhachdan ùra a bh' aca. Show less