Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 292,631 playable programmes from the BBC

Comhairle nan Eilean @40 - Na Làithean Tràth

Episode 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Chaidh Comhairle nan Eilean a chruthachadh ann a 1975 às dèidh ath-òrdachadh air riaghladh ionadail agus nàiseanta a bha a' toirt na h-eileanan an iar gu lèir fon aon riaghladh. Fon an t-seann structair anns na h-eileanan bha naoi comhairlean ionadail le cumhachdan eadar-dhealaichte sna h-eileanan. B' iad Siorrachd Inbhir Nis agus na comhairlean sgìreil a bha a' stiùireadh ghnothaichean anns Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, agus am Barraigh. Bha Siorrachd Rois is Chrombaidh, Comhairle Sgìreil Leòdhais agus Comhairle Baile Steòrnabhaigh a' riochdachadh chùisean ann a Leòdhas. Ri linn na bha ri dhèanamh bha 1974 mar bhliadhna uallachaidh airson an dreach ùr a bha seo a thoirt gu bith.

Anns an dà phrògram tha seo tha Dòmhnall Màrtainn, a bha còrr air fichead bliadhna ri obair rianachd sa chomhairle, air a bhith a' rùileach tro thasglann Radio nan Gàidheal, agus ag èisteachd ris na chlàr Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC mar a bh' ann ann a 1974 agus Radio nan Eilean nuair a thàinig e ann a 1979, mun chomhairle sna bliadhnaichean tràth sin. Thòisich e ann a 1974 agus ràinig e 1986. Le bhith 'g èisteachd, agus a' cur eòlas fhèin ris na chual' e, tha e a' toirt dhuinn dealbh smaoineachail air mar a bha an suidheachadh aig an àm, air an fheadhainn a bha air a' chomhairle agus air na chuir iad romhpa a dhèanamh le na cumhachdan ùra a bh' aca. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More