Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,087 playable programmes from the BBC

Càil san Amharc

Bethune

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

As t-fhoghar 1914 dh'fhalbh dithis bhràithrean à Garrabost an Leòdhas còmhla dhan Chiad Chogadh. Bha Donnchadh Caimbeul naoi deug agus a bhràthair òg, Iain , dìreach seachd bliadhna deug dùint'. Cha do thill duine dhan dithis. Chailleadh Iain am Bethune san Fhraing air an 2mh là den Mhàirt 1915 agus Donnchadh nas lugha na sia seachdaineanan às dèidh sin aig Ypres. Bha fios gun deach Iain a thiodhlacadh ann an cladh san Fhraing ach nach d'fhuaireas lorg riamh air Donnchadh.

As t-samhradh 1987 ghabh Nan S. Nicleòid agus an duin' aig Iain, Jondy mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, turas dhan Bheilg 's dhan Fhraing. B' ann às dèidh Iain a chaidh Iaian a thoirt air Jondy. Air cùl a h-inntinn bha Nan a' cnuasachadh ach an dùil an gabhadh lorg fhaighinn air uaigh Iain. Sa phògram seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 1987, cluinnidh sinn i ag innse do Jo NicDhòmhnaill mun turas iongantach air an deach iad. Cluinnidh sinn cuideachd bho Anna, piuthar nam balach, agus a' cuimhne fhèin air ùrachadh leis an naidheachd leis an do thill a mac 's a bhean. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More