Rugadh agus thogadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair san Rubha a Leòdhas. Ann a 2004 rinn e sreath phrògraman a' dol timcheall a' sgìre a' tadhail air geodhaichean agus cladaichean, air cnuic agus glinn ag innse sheanchasan a tha a' dèanamh dealbh soilleir air an dòigh-beatha a bh' ann agus a' choimhearnsachd a bha dha chuairteachadh nuair a bha e na bhalach òg san Rubha sna 30an agus na 40an.
An-diugh tha Calum ag innse mu Eathar Ghlas an t-Siumpan agus mun cheangal a bh' eadar i agus seabhag ruadh, eun a bha na chonadail anns a' Rubha, a thog ceann sa sgìre. 'S e an Garrabost a bh'air an eathar o thùs ach chaidh Eathar Ghlas an t-Siumpan a thoirt oirre, agus tha an sgeulachd aice air a h-innse leis gu robh dà eathar eile, a Mermaid agus a Jane, mar fhianais air na thachair. Tha Calum cuideachd a' seasamh aig uaighean cuid de na chaidh às an rathad oirre ann an Cladh Aiginis.
Chaidh Rubha Chaluim a chraoladh an toiseach ann a 2004. Show less