Rugadh agus thogadh Calum MacFhearghuis ann am Port Mholair san Rubha a Leòdhas. Ann a 2004 rinn e sreath phrògraman a' dol timcheall a' sgìre a' tadhail air geodhaichean agus cladaichean, air cnuic agus glinn ag innse sheanchasan a tha a' dèanamh dealbh soilleir air an dòigh-beatha a bh' ann agus a' choimhearnsachd a bha dha chuairteachadh nuair a bha e na bhalach òg san Rubha sna 30an agus na 40an.
An-diugh cluinnidh sinn mun chroileagan thaighean a bha sa phoirt; mu eathar na Sàboind agus mar a nochd i air cladach madainn Sàboind agus an eachdraidh a bh' aice mus do ràinig i Leòdhas agus am feum a rinn i bho thàinig i; agus tha Calum, mar as dual dha, a' faighinn blasad air an fheamainn.
Chaidh Rubha Chaluim a chraoladh an toiseach ann a 2004. Show less