An t-ainm Màiri, a' chiall a th' aig an ainm agus na deifir dhòighean air a chleachdadh. Tha Màiri Bheag is Màiri Mhòr, an tè bhàn 's an tè ruadh, Màiri Ann is Màiri Alex, Màiri Ceit is Màiri Sìne agus iad air fad cho tarraingeach a' brosnachadh na bàird gu òrain agus na sgiobairean gu bhith ag ainmeachadh nan eathraichean aca. Tha Màiri Bremner a' coinneachadh ri iomadach Màiri eile anns a' phrògram agus a' toirt dhuinn blasad air na h-òrain a chaidh an sgrìobhadh a' moladh Màiri. Show less