Anns a' phrògram a tha seo tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' cluinntinn mu sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu anns an dàrna leth den fhicheadamh linn suas chun an là an-diugh. Innsidh Aonghas MacCoinnich mun obair rannsachaidh aige, sgeul na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Cluinnear bho Choinneach Dòmhnallach a bha na oileanach agus na fhear-teagaisg ann an Roinn na Ceilteis aig an oilthigh agus bho Roibeard O' Maolalaigh a tha na iar-cheannard den oilthigh agus na Ollamh na Gàidhlig. Cuideachd anns a' phrògram tha Fiona Dunn, a tha na Oifigear na Gàidhlig aig an oilthigh agus bho Karen Oakley a tha na ceannard air a' Chomann Oiseanach. Show less