Anns a' phrògram a tha seo tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' bruidhinn ri Aonghas MacCoinnich agus Sheila Kidd mu Ghàidheil Oilthigh Ghlaschu as na bliadhnaichean bhon a chaidh an Comann Oiseanach a chuir air bhonn gu meadhan na ficheadamh linn. Seo bliadhnaichean as an do rinn cuid a bha air a bhith aig an oilthigh fortan às an Ìompaireachd, far an deach na ciad òraidichean Ceilteis fhastadh agus far an deach Gàidhlig a theagaisg aig Oilthigh Ghlaschu airson a' chiad uair a-riamh.
Cluinnear cuideachd bho cheannard Chomann Oiseanach an là an-diugh air mar a tha cùisean air atharrachadh. Show less