Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,757 playable programmes from the BBC

A' Chiad Chogadh

Sìnt sa Bhlàr

Duration: 57 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Ann a 2014 ghabh Dòmhnall Màrtainn, a bhean Sandra agus Niall MacAmhlaigh cuairt gu raointean-cogaidh na Beilg agus na Frainge airson faicinn far an deach seanair Sandra agus bràthair-athar Nèill a chall sa Chiad Chogadh. Bha 'd a' siubhal air bus, a dh'fhalbh à Inbhirnis, an cois buill bho Chomann Rèisimeid Ghàidhealach na Banrigh.

Thadhail iad an toiseach, air Cladh Tyne Cot sa Bheilg, an cladh as motha ann an sgìre a Western Front le 12,000 neach air an càradh ann. A mach air a sin, tha faisg air 34,000 saighdear Breatannach air an ainmeachadh air balla a' chlaidh - feadhainn air nach deach lorg fhaighinn a-riamh. 'S nam measg, tha seanair Sandra, Alaig Mac an Lèigh à Bail' an Truiseil ann a Leòdhas. Bha e na phìobaire san arm 's chaidh a chall aig Passchendaele san Dàmhair 1917. Thadhail iad air taigh-tasgaidh Passchendaele 's air tunailean fo thalamh far an tàinig air saighdearean Bhreatainn iad fhèin a stèidheachadh. Às a sin, tha iad a'dol gu carragh-cuimhne do na Sìophairtaich ann an ceann a tuath na Frainge.

Dlùth do bhaile Roeux, tha 'd a' stad aig Cladh Brown's Copse, far an d'fhuair Dòmhnall lorg air uaigh saighdear Leòdhasach, agus aig Vimy Ridge, far am bheil e comasach coiseachd mu chuairt trainnsichean a' chogaidh agus far am bheil carragh-cuimhne mòr do fheachdan Chanada.

Tha iad a' gabhail tro sgìre an Somme sa Fhraing, far an deach call brùideil a dhèanamh tro mhìosan an t-samhraidh agus an earraich 1916. Chaidh millean neach a leòn neo a mharbhadh ann am batail a Somme.

Chunnaic iad cuideachd ìomhaigh saighdear Gàidhealach aig cuimhneachean do fheachd a 51st Highland Division aig Beaumont Hamel, agus sgrìobhte fodha, ann an Gàidhlig, na briathran, Là a' Bhlàir 's Math na Càirdean.

Aig La Boisselle, tha 'd a' coiseachd mu chuairt an t-slochd as motha a chruthaicheadh le spreadhadh san talamh air a Western Front - Slochd Lochnagar.
Cluinnear mu thaigh-tasgaidh beag do na Sìophartaich, a tha càraid Frangach air cruthachadh anns an t-sabhal aca. Agus anns a' Bheilg, tha Niall a' faighinn lorg air uaigh bràthair-athar ann an Cladh nan Sìophartach aig Cheddar Villa. Cluinnear cuideachd mu mar a tha cuirp shaighdearean fhathast gan lorg 100 bliadhna an dèidh làimh, 's mu mar a tha armachd fhathast a' laighe san talamh 's a' marbhadh dhaoine.

Agus ann am baile Ypres, tha Dòmhnall, Sandra agus buill a' Chomainn a' gabhail pàirt ann an seirbheis aig Geata Menin. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More