Chaidh Oilthigh Ghlaschu a stèidheachadh ann an 1451 agus bhon chiad dol-a-mach bha Gàidheil ga fhrithealadh.
Tha an Dtr Aonghas MacCoinnich bho Oilthigh Ghlaschu air a bhith a' rannsachadh eachdraidh Gàidheil Oilthigh Ghlaschu agus anns a' chiad phrògram den t-sreath tha e ag innse do Ghilleasbuig mun chiad 250 bliadhna den eachdraidh sin.
Tha Gilleasbuig a' cluinntinn mun bhuaidh a bh' aig an oilthigh air na Gàidheil agus air a' Ghàidhealtachd agus cuideachd a' bhuaidh a bh' aig na Gàidheil air an oilthigh.
Chuala Gilleasbuig bho Aonghas agus bhon Dtr Màrtainn MacGriogair mu inbhe na Gàidhlig anns na ciad linntean sin.
Cuideachd thèid innse cò às a bhiodh na Gàidheil a' tighinn agus carson, buaidh an Ath-Leasachaidh agus mar a bha na fineachan Gàidhealach an sàs aig Oilthigh Ghlaschu. Show less