Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,981 playable programmes from the BBC

Dilleachdain Gemma/Gemma's Orphans

Series 1

Episode 3

Duration: 29 minutes

First broadcast: on BBC ALBALatest broadcast: on BBC ALBA

Aig dìreach 23 bliadhna a dh' aois, tha uallach aig an oileanach Gemma Steele à Glaschu - a bhuannaich an duais airson 'Unsung Hero' aig Duaisean 'Young Scot' 2014 - son cor 20 pàiste san taigh-dhìlleachdan a thog i ann an Nakuru, Kenya. Le taic ionmhais agus cuideachadh practaigeach bho mhuinntir Uibhist, dh' fhosgail Dachaigh Chloinne St Jerome's - a thoìsich Gemma a togail na
deugaire - ann an 2012.

Tha e na dhachaigh ghràdhach dha clann eadar 4 agus 18 bliadhn' a dh' aois a bhiodh air na sràidean, às aonais. Sealladh togarrach agus tlachdmhor air boireannach òg air leth a tha air earbs' dhìlleachdan agus spèis muinntir na h-Alba a chosnadh, agus sinn ga leantainn air slighe pròiseict ùir.

Leanaidh sinn Gemma na h-amas gus an dàrna dachaigh shònraichte aice a thogail ann an Kenya, còmhla ris a' bhuidhinn air dhreach daonnachd, Orkidstudio, à Glaschu - le leapannan airson 40 dìlleachdan agus rùm ann airson leudachadh.

An dèan i a' chùis ge-tà crìoch a chur air an togalach san ùine a' ruith 's gun ach ochd seachdainean aice mus fheum i tilleadh dhan oilthigh ann an Alba san t-Sultain? Dìlleachdain Gemma - sreath ann an 3 pàirtean a dh' innseas sgeulachd dhrùidhteach agus bhuaidheil mun dà chuid nighean, agus 2 choimearsnachd eadar-dhealaichte ann an Alba agus Kenya.

In the third and final part the series profiling young humanitarian, Gemma Steele from South Uist, Gemma and the team push to complete the new orphanage in Kenya, and undertake the difficult but necessary task of locating and assessing new orphans in need - with space for up to 40 in the new home. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More