Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,220 playable programmes from the BBC

Cuairt Mu Bharraigh

Episode 3

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Calum agus Dòmhnall a' dèanamh an t-slighe gu baile Chleat air taobh an iar an eilein, ach chan eil iad a' gabhail an rathad mòr ach a' coiseachd Slighe na Ciste. Air an t-slighe tha iad a' dol seachad air Spòg an Deamhain agus a' tadhal air na h-uamhan a bh'anns an dealbh Whisky Galore. Tha iad a' coinneachadh ri muinntir a' bhaile cuideachd agus nam measg Màrtainn Mac-a-Phì a ghluais còmhla ri theaghlach dhan bhaile sin agus a tha a' dèanamh beò-shlaint mar dhàibhear. Tha Màrtainn, mar a thuirt e fhèin, a' faicinn bòidhchead Bharraigh os cionn agus fo uachdar na mara na obair làitheil. Tha iad cuideachd a' coinneachadh ri Aonghas (neo Ang Mhol) agus a bhean Màiri Lisa agus a' faighinn a-mach beagan mu eachdraidh agus gnìomhachasan a bh' anns a' sgìre bho chionn fhada. Tha iad a' crìochnachadh a' chuairt aca anns a' phrògram seo ann an Eaglais Chuithir, an eaglais aig an robh dlùth cheangal aig teaghlach Dhòmhnaill bho chionn fhada. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More