Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,849 playable programmes from the BBC

Seachdain sa Chogadh

Seachdainean sa Chogadh

Episode 6

Duration: 10 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

An-diugh tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a chaidh Black Watch Corner a thoirt air oisean de sgìre Zonnebecke sa Bheilg ann am blàr a bha mar phàirt de Chiad Blàr Ypres. Cha robh a' bhuaidh a fhuair saighdearan Bhreatainn gun phrìs ge-tà. Cluinnear mar a chaidh an crùisear Gearmailteach, Emden a sgrios le bàta Astràilianach, HMAS Sydney, agus gheibh sinn earrann à Òran Cogadh a' Khaiser a rinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Deas.

Chan eil fhios dè a thachair dhan SS Hector air a' cheathramh là deug den t-Samhain 1914 ach nach fhacas a-riamh tuilleadh i. Air an t-seachdain sa cuideachd, ceud bliadhna air ais, chaochail Field Marshal Earl Frederick Roberts san Fhraing, ged nach b'ann ri aghaidh a' bhlàir.
Agus rinn dithis - am maighistir-sgoile a bh'air a bhith aige, Coinneach MacCoinnich, agus duin' eile gun urra - luaidh ann am bàrdachd air Teàrlach Macleòid à Bail' an Truiseil an Leòdhas a chailleadh air a 15mh den t-Samhain nuair a thug 'an luaidhe snuadh a bhàis' air.
Bha oidhirp mhòr dha dhèanamh cuideachd dìon a chuir air goireasan ola sa Chamas Mhòr agus choinnich Feachdan Bhreatainn ri Feachdan Tuirceach aig Saihan, faisg air Basra.

Cluinnidh sinn mu oidhirp a chaidh a dhèanamh cuir às do dh'ionadan sa Ghearmailt far a robhas a' dèanamh na Zeppelins, soithichean-adhair ro robh feagal aig ceannardan feachdan Bhreatainn. Cuideachd, mar a chaidh U-18 a cuir fodha le HMS Garry agus mar a chaidh HMS Bulwark a spreadhadh le call beatha eileanach am measg a' chall uabhasach de suas ri 800 duine a bh' air bòrd. Cha d'fhuair ach dusan duine aiste beò. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More