Tha sinn a' cleachdadh fònaichean-làimhe airson barrachd is barrachd a dhèanamh leotha. Ach dè th' aig daoine orra, ciamar a tha iad gan cleachdadh agus dè tha sin ag innse dhuinn mun deidhinn? An t-seachdain seo tha Shona Masson ann an cuideachd Alana NicAonghais airson leth-uair de chabadaich is de chraic. Bidh Shona a' cluich na fidhle, ach tha sinn ag ionnsachadh gu bheil a taghadh-ciùil tòrr nas fharsainge na sin. Saoil an gabh Britney Spears ri tairgse fìdhlear òg a thoirt air chuairt còmhla rithe? 'S e Gàidhlig ionnsachadh a rinn Shona, agus tha i ag innse do Alana carson a tha an cànan cudromach dhi. Agus a bharrachd air a bhith measail air an Eilean Sgitheanach, tha poilitigs - agus aon neach gu sònraichte - air aire Shona a ghlacadh sa bhliadhna mu dheireadh. Show less