Tha sinn a' cleachdadh fònaichean-làimhe airson barrachd is barrachd a dhèanamh leotha. Ach dè th' aig daoine orra, ciamar a tha iad gan cleachdadh agus dè tha sin ag innse dhuinn mun deidhinn? An t-seachdain seo tha Iain Mac a' Ghobhainn ann an cuideachd Alana NicAonghais airson leth-uair de chabadaich is de chraic. Bidh Iain a' cluich a' bhocsa sa chòmhlan Trail West. Tha sinn ag ionnsachadh mun mheas a th'aige air an eilean dham buin e, Tiriodh; an ùidh aige ann an eachdraidh-ciùil an eilein; an tlachd a tha ABBA toirt dha; agus an taigh-seinnse a thog e fhèin is athair sa ghàrradh. Show less