Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,220 playable programmes from the BBC

Iain Againn Fhìn

Episode 3: Arras agus Cladh St Catherine

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, bràthair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blàr Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là, na cairtean-posta, a' bhàrdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead.

Sa phrògram mu dheireadh tha Dòmhnall a' ruighinn an làraich far an d' fhuair Iain bàs aig a Railway Triangle ann an Arras agus e a' sabaid còmhla ri feachd nan Earra-Ghaidhealach agus nan Sutharlannach air a 9mh den Ghiblean 1917. Tha e cuideachd a' tadhal air àite air a robh smuaintean Iain aig an taigh ann an Tioriodh goirid mus do bhàsaich e. An sin rinn Dòmhnall bàrdachd, Feamainn Ghrod, a tha làn shamhlaidhean mu fhàileadh grod a' bhàis. Às dèidh a bhith aig uaigh Iain ann an Cladh St Catherine, sgrìobh e Not Forgotten in Caolis, Tiree. Mu dheireadh cluinnidh sinn dà òran a chaidh a dhèanamh do dh'Iain - an cumha a rinn Oighrig NicDhòmhnaill dha agus a' bhàrdachd a rinn Dòmhnall Meek, Iain Againn Fhìn, agus ris na chuir Mairi Anna NicUlaraig ceòl. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More