Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,220 playable programmes from the BBC

Iain Againn Fhìn

Episode 2: Arras agus Beaumont Hamel

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, bràthair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blàr Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là, na cairtean-posta, a' bhàrdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead. Anns an dàrna prògram tha Dòmhnall aig Arras san Fhraing a' dol chun na dearbh àitichean anns am biodh Iain a' sabaid ann a leithid Beaumont Hamel aig a' Somme.

Tha sinn cuideachd a' faighinn dealbh air beatha làitheil an t-saighdeir eadar ullachadh airson a dhol a shabaid, acras is eile tro na litrichean a bhiodh Iain a' cur dhachaigh.

Tha Dòmhnall fhèin air a ghluasad gu bàrdachd chumachdach a sgrìobhadh aig Beaumont Hamel. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More