Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,220 playable programmes from the BBC

Iain Againn Fhìn

Episode 1: A bheatha an Tiriodh 's an Canada gu toiseach a' Chogaidh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Mar a thuirt an t-Ollamh Dòmhnall Meek, chan eil a seo ach sgeulachd aon saighdear, ach tha iomadach sgeulachd eile mu iomadh saighdear a b'urrainnn innse nam biodh am fiosrachadh ri lorg. Tha Dòmhnall an tòir air Iain Dòmhnallach, bràthair a sheanmhar, saighdear à Tiriodh, a chaidh a mharbhadh aig Blàr Arras san Fhraing sa Chiad Chogadh. Tha Dòmhnall fortanach oir bha na litrichean, an leabhar-là, na cairtean-posta, a' bhàrdachd agus na deilbh, a tha a' toirt cnaimh-droma na sgeòil dha, air a thasgadh leis an teaghlach. 'S e buille chruaidh dha-rìribh a bha na bhàs dhan teaghlach - am fear a b' òige, am fear a bha air beatha a dhèanamh dha fhèin an Canada, am fear a fhuair cothrom dha spìonadh air falbh 's gun e ach deich bliadhna fichead. Tha stòiridh Iain air leantainn ri Dòmhnall fad a bheatha agus anns a' chiad phrògram tha sinn a' faighinn beachd air a bheatha thràth ann an Tiriodh, an Canada, agus aig toiseach a' chogaidh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More