Tha Domhnall Iain agus am Plaosgan a' dol a dhèanamh feum agus a' dol a thòiseachadh air Mobile Gaelic Unit le bhan a gheibh iad bho Mhurchadh Ruadh. 'S iomadh car agus toinneamh a thig dhan iomart agus cluinnidh sinn a h-uile gin dhiubh thairis air seachd seachdainean agus sinn a' cluinntinn mar a tha dol dhaibh.
'S e sgeulachd tha seo à leabhar Dhonnchaidh MhicGillIosa, Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile a chaidh fhoillseachadh le CLÀR agus am pròiseact Ùr-Sgeul ann a 2013. Thug Donnchadh cruinneachadh eile de sgeulachdan goirid, Tocasaid 'Ain Tuirc, a-mach leis an aon fhoillsichear ann an 2004. 'S ann às a' Chnoc Àrd ann a Nis a tha Donnchadh agus chaidh e a dh'Oilthigh Obar Dheathain. 'S ann a Lunnainn a tha e air na leth-cheud bliadhna mu dheireadh de shaoghal a chuir seachad agus 's e obair gàirnealaireachd ris a bheil e. Tha na caractaran agus a' chainnt a th'anns na sgeulachdan aige cho breàgha air an dealbh aige, le beartas nach eil gann, agus nan tlachd dhan chluais. Tha Leòdhas, a tìr agus a muinntir, a' sùghadh às an sgrìobhadh aige.
Tha facail na h-earrainn seo den sgeulachd rin leughadh aig clar.org.uk fhads a tha an sgeulachd ri fhaighinn air iplayer a' BhBC. Faodaidh sibh a bhith a' leughadh na sgeòil fhads a tha sibh ag èisteachd ri Donnchadh ga h-innse! Show less